Skip to content

An e Peacadh a th’ ann a Bhith a’ Smocadh?

An e Peacadh a th’ ann a Bhith a’ Smocadh?

Freagairt a’ Bhìobaill

 Chan eil Am Bìoball a’ bruidhinn mu dheidhinn smocadh a no cleachdaidhean eile le tombaca. Ach tha prionnsabalan anns a’ Bhìoball a tha a’ sealltain nach eil Dia ag aontachadh le cleachdaidhean a tha mì-fhallain agus neo-ghlan, mar sin ’s e peacadh a th’ ann a bhith a’ smocadh.

  •   Spèis do bheatha. “Tha e fhèin a’ toirt beatha agus anail agus a h-uile rud dha na h-uile.’’ (Gnìomhan 17:24, 25) ’S e tiodhlac bho Dia a th’ ann ar beatha agus mar sin, cha bu choir dhuinn rud sam bith a dhèanamh a bhiodh a’ lùghdachadh ar beatha, mar a bhith a’ smocadh. ’S e smocadh a’ phrìomh adhbhar airson bàis ro thrath air feadh an t-saoghal.

  •   Gràdh do choimhearsnachd. “Gràdhaichidh tu do choimhearsnach mar thu fhèin.’’ Chan eil smocadh mun chuairt daoine eile a’ sealltain gràdh dhaibh. Tha na feadhainn a tha an-còmhnaidh mun chuairt frith-cheò ann an cunnairt nas àirde, bho chuid de na h-aon tinneasan a bhios luchd-smocaidh a’ fulang.

  •   Feum a bhith naomh. “Ur bodhaigean a nochdadh nam beò-ìobairt, naomh is iomchaidh do Dhia.’’ (Ròmanaich 12:1) “Glanamaid sinn fhèin o gach uile thruailleadh feòla is spioraid, a’ coileanadh naomhachd ann an eagal Dhè. (2 Corintianaich 7:1) Tha smocadh mì-nàdarrach agus mì-iomchaidh a thaobh naomhachd agus rudan a tha fìor-ghlan. Tha daoine gu toileach a’ cleachdadh tombaca, as dèidh fios a bhith aca gu bheil tocsains ann a ni cron mhòr air a’ bhodhaig.

A bheil Am Bìoball a’ bruidhinn mu dheidhinn cleachdadh marijuana agus drugaichean eile airson adhbharan cleasachail?

 Chan eil Am Bìoball a’ bruidhinn mu dheidhinn marijuana (cuideachd air an ainmeachadh weed neo pot) neo drugaichean eile coltach ris. Ach tha prionnsabalan anns a’ Bhìoball a tha a’ sealltain nach bu choir dhuinn a bhith a’ cleachdadh drugaichean cleasachail, air eagal is gun tèid daoine fo smachd orra. Cuideachd, tha adhbharan eile ann:

  •   A’ cumail smachd air ar buadhan-inntinneil. “Gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia led uile inntinn. (Mata 22: 37, 38) “Bithibh sòbarra nur n-inntinn’’. (1 Peadar 1:13) Chan urrainn cuideigin smachd a chumail air an inntinn nuair a tha iad a’ cleachdadh drugaichean agus tha tòrr daoine a’ tighinn fo smachd orra. Tha am fòcas aca a’ tionndadh agus tha iad an-còmhnaidh a’ smaoineachadh mu dheidhinn a’ lorg agus a’ cleachdadh drugaichean, an àite a bhith a’ smaoineachadh mu dheidhinn rudan brosnachail.—Philipianaich 4:8

  •   Umhail dhan lagh. “Cuimhnich dhaibh iad fhèin a chur fo riaghladairean ’s fo ùghdarrasan, a bhith umhail.’’ (Titus 3:1) Ann an tòrr dùthchannan tha lagh chruaidh ann a tha a’ cumail smachd air an cleachdadh aig cuid de dhrugaichean. Airson Dia a thoileachadh, bu choir dhuinn a bhith umhail dha na h-ùghdarrasan.—Ròmanaich 13:1.

a Tha smocadh a thoirt a-steach a’ smocadh tombaca le toitean, siogaran, pìoban, neo pìoban-uisge. Tha na prionnsabalan anns a’ Bhìoball a’ gabhail a-steach rudan le niceotain, mar a’ seobhaigeach tombaca, snaoisean, toitean-D agus rudan eile coltach ris.